An Innis Igh
Your rating:
(Traditional)
Seinn an duan so dhan Innis Àigh
An innis uaine as gile tràigh
Bidh sian air uairean
A' bagairt cruaidh ris
Ach 's e mo luaidh-sa bhi ann a' tàmh
Càit' an tràith' an tig Samhradh caomh?
Càit' an tràith' a thig blàth air craobh
Càit' as bòidhche
'S an seinn an smeòrach
Air bhàrr nan ògan 's an Innis Àigh
Tiugainn leam-sa chun na tràigh'
'S an fheasgar chiùin-ghil aig àm an làin
Is chi thu 'm bòidhhead
'S an liuthad seòrsa
De dhe'eoin tha còmhnuidh an Innis Àigh
An t-iasg as fiachaile dlùth do 'n tràigh
Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh
Bidh gillean easgaidh
Le dorgh is lìontan
Moch, moch 'g a iarraidh mu Innis Àigh
O, 's gearr an ùine gu'n teirig là
Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh
Mo chadal buan-sa
Bidh e cho suaimhneach
Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh
Seinn an duan so dhan Innis Àigh
Share your thoughts
No comments here yet... Be the first to give your opinion!